Quantcast

Caibideil ùr ann an seann nàimhdeas a’ cur spionnadh ris an SPFL

0

Chan e gu bheil ùine air a bhith againn a bhith ga iondrainn le farpais EURO 2016 agus geamachan dearbhaidh Eòrpach is Cupa an Lìog gar cumail a’ dol fad an t-sàmhraidh, ach seo an deireadh sheachdain a tha ball-coise na h-Alba ga-rìreabh a’ tòiseachadh le iomairtean liog an SPFL gan cur air bhog Dìsathairne.

Mar a shaoileadh tu tha tòrr dhen aire air Rangers agus a’ bhuaidh a bheir iad air a’ Phrìomh Lìog ceithir bliadhna bho b’fheudar dhaibh tòiseachadh a-rithist san treas roinn. Tha faireachdainean fhathast a’ ruidh gu math làidir air gach taobh mu na thachair ann an 2012 agus faodar a bhith cinnteach gun cluinn sinn barrachd mu dheidhinn sin cuideachd aig pàircean air feadh na dùthcha air an t-seusan a tha romhainn.

scottbrown

‘Se a’ cheist a tha a h-uile duine air a bhith faighneachd ge-tà, ciamar a nì sgioba Mark Warburton agus an tèid aca air dùbhlan a thoirt do Celtic airson an tiotal? Chuir sgiobair Celtic, Scott Brown an ceòl air feadh na fìdhle nas tràithe air an t-seachdain an uair a thubhairt e gur e Obar Dheathain as coltaiche ceann a’ mhaide a chumail riutha thairis air na deich mìosan a tha romhainn. Tuigidh mi carson a chanadh e sin oir ‘se sgioba Derek MhicAonghais a tha air farpais de sheòrsa air choireigin a thoirt do Celtic thairis air na ceithir bliadhna mu dheireadh, agus gu dearbh mura b’e ’s gun do chaill na Dons am fear-gleidhidh Danny Ward aig àm cudromach air an t-seusan a dh’fhalbh, tha mi mionnaichte gum biodh iad air sgioba lag Ronny Deila a phutadh beagan nas cruaidhe

Cuimhnich cuideachd bha sin an aghaidh sgioba làidir Hearts a bha air ruidh air falbh leis an Championship an t-seusan roimhne sin. Mar sin chan eil e cho furasta tighinn a nuas bhon an Championship agus a bhith a’ smaointinn gun urrainn dhut a bhith a strì sa mhionaid airson tiotal a’ Phrìomh Lìog. A-rithist tha Obar Dheathain air an sgioba aca a neartachadh, gu sònraichte aig an aghaidh far am bi barrachd roghainn aca le leithid Jayden Stockley agus Wes Burns ged a tha iad fhathast a’ coimhead caran cugallach am meadhan an loidhne-dìon.

markwarburton

Chan eil sin ag ràdh nach urrainn do Rangers na Dons a phutadh airson an dara àite. Tha Warburton air deànamh fìor mhath le glè bheag a dh’airgead cluicheadairean òga, tàlanta a thàladh a nuas à Sasainn a thuilleadh air seann eòlaich leithid Joey Barton is Niko Kranjcar. Tha Barton gu sònraichte gu bhith cudromach dhaibh oir bha feum aca air cluicheadair dha leithid a shuidheas mu choinneamh an loidhne-dìon sa stiùireas a chluiche dhaibh, agus cumaidh e na meadhanan trang cuideachd!

Bi fadachd air mòran fhaicinn ciamar a nì iad sa chiad gheam an aghaidh Celtic aig toiseach na Sultain agus ge-brith dè a bheachd a th’agad bi an fharpais nas cruaidhe airson Celtic le Rangers sa Phrìomh Lìog. Sin a thug orra Brendan Rodgers a thoirt a-steach as dèidh dhan deuchainn le Deila fàilligeadh agus tha comharran rim faicinn sna cuairtean dearbhaidh dhen Champions League gu bheil an t-Èireannach comasach togail air na còig tiotalan a tha Celtic air a bhuinnig an sreath a chèile, gu sònraichte ma gheibh e taic airson triùir no ceathrar chluicheadair eile a tha e ag iarraidh a thoirt a-steach.

Agus sin dhòmhsa an diofar a chumas Celtic fhathast air thoiseach air càch – tha barrachd airgead aca airson an sguad a neartachadh agus ma gheibh iad a-steach gu ìre na buidhne dhen Champions League fàsaidh a’ bheàrn nas motha fo stiùir manaidsear comasach leithid Rodgers agus bi Obar Dheathain, Rangers agus Hearts a strì airson na h-àiteachan as an dèidh.

Pic: Phil McCloy

Pic: Phil McCloy

A dh’aindeoin’s nach eil Rangers san Championship bi an lìog sin a cheart cho farpaiseach am bliadhna agus tha fadachd orm a bhith an luib cuid dheth na geamachan a thèid an sealltainn beò air BBC Alba. Tha Hibs air deànamh math Niall Lennon a thàladh gu Easter Road an àite Ailean Stubbs, ach tha cuideam air seann mhanaidsear Celtic na Hibees fhaighinn air ais suas dhan Phrìomh Lìog ann an aon chruinn leum. Cha bhith sin furasta ge-tà le Ray MacKinnon a’ togail sgioba tharraingeach, chomasach aig Dundee United agus mar as àbhaist cha bhith sgioba na h-Eaglaise Brice aig Peadar Houston fad air falbh nas motha an uair a thig e chu na builean mu dheireadh. Gu leòr a chumas cagnadh rinn air an t-seusan a tha romhainn ma-thà – leig leis na geamachan tòiseachadh!

Share.

About Author

Alex O'Henley
Loading ...