Quantcast

Rodgers, Lennon agus Barton a’ beò-ghlacadh luchd-taic ball-coise na h-Alba

0

’S gann gu bheil an t-seann seusan air crìochnachadh ach mar-thà tha fadachd air luchd-taic ball-coise na h-Alba gus an tòisich iomairt 2016/17. Tha farpais EURO 2016 gar cumail a’ dol ach le Brendan Rodgers, Niall Lennon agus Joey Barton uile a’ gabhail dreuchdan ùra ann an Alba tha fadachd air an luchd-taic feuch dè a bhitheas romhainn air an ath sheusan agus tha na gluasadan sin air ùidh a thogail sa gheam an Alba mar nach fhaca sinn bho chionn iomadach bliadhna.

Tha an naidheachd mu Lennon gu sònraichte inntinneach oir ‘se glè bheag a bhiodh a smaointinn – agus ’s dòcha gun robh e fhèin nam measg – gum biodh e deònach an ath cheum na dhreuchd a ghabhail le bhith a’ tuiteam sìos dhan Championship. Tha fiosam gun robh roghainnean aige a dhol gu club ann an Sìne, gluasad a bhiodh air fortan a chosnadh dha, agus gun robh Anderlecht sa Bheilg air bruidhinn ris cuideachd.

Bha dùil aige gum biodh cothrom aige air obair a’ mhanaidsear aig Celtic ach ged a bha e ’s dòcha air cùl an inntinnean mura faigheadh iad an duine a bha a dhìth orra, cha chreid mise gun robh cothrom riamh aig Lennon air an obair sin fhaighinn. Tha fiosam gur e briseadh-dùil a bh’ ann dha ge-tà ach an uairsin nochd an cothrom aig Hibs agus as dèidh a theaghlach a ghluasad air ais a dh’Alba, bha e a’ deànamh ciall dha an ath obair mhòr a nochdadh a ghabhail agus a thuilleadh air Celtic, Rangers is Obar Dheathain chan eil mòran nas motha na Hibs an Alba.

‘Se buile mhòr a bh’ ann dhan chlub gun do dh’fhàg Ailean Stubbs as dèidh Cupa na h-Alba a ghleidheadh, ach ‘se fìrinn na cùise gun robh Rotherham United a’ tairgsinn a thrì uiread de thuarastal sa bha e a’ togail aig Easter Road le buidseat fallain cuideachd a leigeas leis feuchainn ri adhartas a dheànamh ann an Championship Shasainn. Cha robh an roghainn sin aig Lennon an uair a ghluais e gu Bolton agus sin gu ìre mhòr a tha ga fhàgail air ais an Alba a’ feuchainn ri chliù a thogail a-rithist. B’e mearachd mhòr a bha sin mar a thubhairt gu leòr againn ris aig an àm, ach a-nis tha cothrom aige clach eile a chur air a’ chàrn le bhith a’ faighinn Hibs suas dhan Phrìomh Lìog air an ath sheusan.

As dèidh Stubbs a chall cha b’urrainn dhaibh ainm nas motha fhaighinn agus bheir Lennon togail dhan luchd-taic aca dìreach mar a tha Celtic air a dheànamh le Brendan Rodgers far a bheil iad air faisg air 50,000 leabhar seusan a reic mar-thà. Airson a’ chiad uair bho linn Màrtainn O’Nèill, tha Dermot Desmond air an sporran aige fhosgladh feuch an tèid aige air an club fhaighinn air ais dhan Champions League. Tarsainn a’ bhaile tha Rangers iad fhèin air comharra a chur a-mach gu bheil iad airson ceann a’ mhaide a chumail ris an sgiobannan as fheàrr sa Phrìomh Lìog air an ath sheusan le bhith a’ tàladh Joey Barton gu Ibrox. ‘Se sin an dearbh chluicheadair a bha a dhìth orra airson beagan stàilinn a chur a-steach am meadhan na pàirce agus faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi iad ag obrachadh gu cruaidh cuideachd gus cluicheadair dìon no dhà a thoirt a-steach a theannaicheas cùisean aig a’ chùl dhaibh.

Le crathadh ga thoirt air Cupa Dùbhlan na h-Alba le clubaichean às a’ Chuimrigh is Èirinn a Tuath a’ tighinn a-steach dhan fharpais a thuilleadh air sgiobannan òga bho Phrìomh Lìog na h-Alba, chan eil teagamh nach eil an clàr a tha mur coinneamh airson an ath sheusan a’ coimhead gu math tarraingeach. Tha an riochd ùr seo cuideachd a’ fosgladh an dorais ’s dòcha airson farpais thar chrìochan agus cò aig tha fios nach fhaodadh sinn a bhith a’ coimhead air Cupa Breatannach sna bliadhnaichean a tha romhainn. Car eile ann an samhradh a tha air a bhith fìor inntinneach thuige seo agus le coltas gum bith tuilleadh ainmean mòra a’ gluasad a dh’Alba thairis air a’ mhìos na dhà a tha romhainn chan eil na iongnadh gu bheil luchd-taic air bhioran gus an tòisich muileann ball-coise na h-Alba a’ tionndadh uair eile.

Share.

About Author

scotzine

Andy Muirhead is the Editor of Scotzine and the Scottish Football fanzine FITBA. He is the Scottish Football columnist for The Morning Star and has written for a number of other publications including ESPN, Huffington Post UK, BT Life's a Pitch and has had his work featured in the Daily Record, The Scotsman and the Daily Mail.

Loading ...