Bha fios aig coin a’ bhaile air mar-thà ach mu dheireadh thall thàinig dearbhadh gu bheil Celtic agus Ronny Deila a’ dol a dhealachadh aig deireadh na seusan. Tha an Nirribheach ag ràdh gur e an co-dhùnadh aige fhèin a bh’ ann ach leum e mus deach a phutadh agus chan eil teagamh orm nach biodh e air falbh co-dhiù as dèidh tiotal a’ Phrìomh Lìog a ghleidheadh. Mar a tha mi a tuigsinn chaidh an co-dhùnadh a ghabhail greis air ais – fada roimhn’ iar-chuairt dheireannach de Chupa na h-Alba – ach tha seo a leigeil leis falbh le beagan de dh’urram is pròis.
‘Se a’ cheist a-nis cò a thig na àite no ’s dòcha gum biodh e na b’fheàrr a’ cheist a chur san dòigh seo – cò a bhitheas deònach tighinn na àite? Chan eil teagamh nach e dreuchd tharraingeach a th’ ann aig fear dheth na clubaichean as motha san Roinn Eòrpa, ach chan eil an obair cho sìmplidh sin air sàilleabh structar a’ chlub agus gu sònraichte a’ bhuaidh a th’ aig an Àrd Oifigear, Peadar Lawwell air dreuchd a’ mhanaidsear. Ceart no ceàrr tha beachd am measg saoghal a’ bhuill-choise gu bheil Lawwell a’ gabhail cus gnothach ri cluicheadairean a tha a’ tighinn gu Celtic ’s gu bheil e gu ìre mhòr ag obair mar stiùìriche ball-coise.
Tha seo air a bhith na thrioblaid bho dh’fhàg Màrtainn O’Nèill ann an 2005. Aig an àm bha a bhean tinn le aillse agus b’e sin an rud as motha a thug air falbh, ach bha an càirdeas eadar e fhèin agus an t-Àrd Oifigear na thrioblaid cuideachd tha mi a tuigsinn agus riamh bhon uairsin tha na manaidsearan a thàinig as a dhèidh bho Gordan Strachan a-nuas gu Deila air a bhith a’ strì ri suidheachadh far nach eil an smachd a bhiodh iad ag iarraidh aca air roinn a’ bhuill-choise air taobh a-staigh a’ chlub.
Chan eil teagamh nach e àrd-oifigear comasach a th’ ann an Lawwell – mar a dhearbh e a-rithist nas tràithe air an t-seachdain seo le aonta taic luachmhòr eile – agus gu bheil e fhèin agus am bòrd air cùrsa a’ stiùireadh a tha air Celtic a chumail air leth fallain a thaobh ionmhas. Cha mhotha a chuirinn coire air airson cothrom a thoirt do choidse òg leithid Deila thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh le amas cluicheadairean Albannach a thoirt air adhart a chumadh Celtic a’ togail dhuaisean an seo an Alba agus a’ deànamh adhartas aig ìre Eòrpach.
Cha tàinig sin gu buil ge-tà, gu sònraichte san Roinn Eòrpa, agus dh’fheumainn a ràdh gun robh mi draghail bhon chiad dhol a-mach oir b’e Deila cuideachd am fear a bha iad am beachd a thoirt a-steach mar neach-taic do Niall Lennon as dèidh do Johan Mjallby fàgail. Nas miosa buileach chaidh an neach-taic a bhiodh aig Deila fhèin, John Collins a sparradh air agus cha chreid mi gur e rud a tha sin a dh’obraicheas uair sam bith. Tha mi làn chinnteach gun robh deagh thuigse eadar an dithis, ach nam biodh tu ann am brògan Deila bhiodh amharas ort sa mhionaid carson nach deach agad air an sgioba coidsidh agad fhèin a thaghadh.
Chuala mi Deila cuideachd ag ràdh nach tàinig cluicheadair sam bith nach robh e ag iarraidh a-steach dhan a’ chlub ach tha e duilich dhomh a chreidsinn gum biodh e airson cùmhnant a thoirt do leithid Carlton Cole agus Nadir Çiftçi. Ma bha sin fìor tha e a’ togail tuilleadh cheistean mu chomasan fhèin ach bu chòir dhuinn a thuigsinn cuideachd an uair a tha manaidsear a’ fàgail san dòigh seo gum feum e a bhith faiceallach a thaobh na chanas e. Tha feadhainn eile gu math faisg air a dh’fhaodas a bhith nas fhosgailte ge-tà agus cha chuireadh e iongnadh orm nan cluinneadh sinn barrachd bhuapasan san ùine a tha romhainn air a’ chuspair seo.
Airson diofar adhbharan cha do dh’obraich e airson Deila aig Celtic. Gu follaiseach bha an obair ro mhòr dha agus chan urrainn dhan chlub an aon mhearachd a dheànamh leis an ath mhanaidsear. Tha e a cur nam chuimhne an suidheachadh a bh’ ann an uair a dh’fhàg John Barnes air ais ann an 2000. Aig an àm sin thug Celtic a-staigh O’Nèill agus shìn Diarmad Desmond dha buidseat de fhichead millain not airson cluicheadairean ùra a thoirt a-steach. Bi an ath mhanaidsear fortanach leth dheth sin fhaighinn, ach feumaidh saorsa a bhith aige na co-dhùnaidhean aige fhèin a dheànamh. Airson sin tachairt feumaidh Celtic agus Lawwell na dòighean obrach aca atharrachadh agus mura deàn iad sin bi e duilich ’s dòcha do-dheànte dhaibh an seòrsa manaidsear a dh’fheumas iad fhastadh.