A bheil sibh nas misneachaile mu dheidhinn cothroman Alba faighinn gu Cuach na Cruinne 2018 as dèidh geamachan càirdeil na seachdain seo chaidh? Chan eil teagamh nach robh boillsgidhean dòchais ann le mar a chluich Kenny McLean, John McGinn agus Kieran Tierney sna geamachan an aghaidh Poblacht na Seice agus an Dànmharc, agus gu cinnteach bi Gordon Strachan a’ faireachdain gum faod e an triùir sin a chur ris na roghainnean a bhitheas aige airson na geamachan dearbhaidh a tha a’ tòiseachadh as t-fhoghar.
Ach bha gu leòr eile ann a nì dragh dha. Ma bha e a’ coimhead a’ gheam aig an sgioba fo bhliadhn’ thar fhichead an aghaidh Èirinn a Tuath Dimàirt bi fios aige nach eil duine an imis leantail ann an lorgan McGinn a rinn cho math sa chiad gheam aigesan dhan sgioba mhòr nas anmoiche air an aon fheasgar. Bha mi ag aithris air a’ gheam sin ann am Pàislig agus sa chiad leth gu sònraichte dh’fheumainn a ràdh gur e briseadh-dùil mòr a bh’ ann. Chuir e iongnadh orm cho truagh sa bha na sgilean bunaideach aig na cluicheadairean ie an comas am ball fhaighinn fo smachd leis a’ chiad shuathadh agus a ghluasad gu càch a chèile thairis air deich slatan. Ged a chluich iad nas fheàrr san dara leth, gu sònraichte Ryan Christie, tha mi an amharas nach bi mòran a’ briseadh sìos an doruis airson faighinn a-steach gu sguad Strachan ann an cabhaig.
Aig Hampden as dèidh sin b’e am bonn-còmhraidh bu mhotha am measg luchd-taic agus na meadhanan, carson fo ghrian a bha Gordon Greer a’ cluiche aig cridhe na loidhne-dìon aig aois 35. Cha robh Greer air cluiche airson Brighton san Championship ann an Sasainn bho thoiseach an Fhaoillich, ach ’s math gun robh e san sgioba an aghaidh na Dànaich. B’e fear dheth na cluicheadairean a b’ fheàrr air a’ phàirce, ach tha sin cuideachd a’ togail ceist – an e nach eil duine eile ann a tha a’ tighinn troimhe a chuireas cuideam air Greer airson àite san sguad?
‘Se freagairt na ceist nach eil agus tha an aon seòrsa suidheachadh air làimh dheas na loidhne-dìon. B’e Steven Whittaker a bha a’ cluich an sin – fear eile nach eil a’ faighinn geam dhan chlub aige Norwich – agus bha latha sa bhuil cuideachd, gu sònraichte mar a chaidh an geam air adhart. Dh’fheuch Strachan an aon rud le Allan Hutton cuideachd agus ged a fhuair e às leis gu ìre, an uair a thig e gu cuairtean dearbhaidh an aghaidh na dùthchannan as fheàrr chan urrainn dhut a bhith a’ cleachdadh cluicheadairean nach eil a’ tòiseachadh dha na clubaichean aca fhèin.
Rud eile a dhearbh an geam sin agus sin nach eil Strachan dad nas fhaisge air fuasgladh fhaighinn aig an aghaidh a thaobh cò a gheibh na thadhail a bheir Alba dhan Ruis an ceann dà bhliadhna eile. Chaidh an cothrom a thoirt do Leigh Griffiths le Steven Fletcher air a’ chùlaibh ach cha d’fhuair iad seirbheis gu leòr a dhearbhadh co-dhiù a b’urrainn dhaibh obrachadh còmhladh ann an geam farpaiseach. A thuilleadh air a’ chiad gheam an aghaidh Malta tha mi an amharas nach fhaic sinn dithis aig an aghaidh co-dhiù oir an aghaidh na Dànaich chaill Alba smachd air a’ gheam am meadhain na pàirce. Mar sin faodaidh tu a bhith cinnteach an uair a thig e chu na geamachan cudromach, leithid na geamachan an aghaidh Sasainn, gum bi Strachan a’ tilleadh gu aon duine aig an aghaidh.
Chuir e beagan de dh’iongnadh orm as t-fhoghar seo chaidh gun do dh’aontaich Strachan fuireach san dreuchd. Le aon iomairt a’ crìochnachadh ann am briseadh-dùil agus gun chomharra gun robh cluicheadairean eile a’ dol a nochdadh a dheànadh cus diofar, bhiodh e air a bhith furasta dha agus ’s dòcha na b’fheàrr dha chliù fhèin nach robh e air coiseachd air falbh. ’S math gun do dh’fhuirich e ge-tà oir bi feum air a chuid eòlais is misneachd ma tha a’ bhuidheann seo do chluicheadairean a’ dol a ruighinn cuairtean deireannach Cuach na Cruinne. Gu dearbh ma tha an geam ud an aggaidh an Dànmharc na chomharra, feumaidh Strachan miarailt airson Alba fhaighinn dhan Ruis.