Quantcast

Cuairt deireanach Chupa na Lìog agus Dilseachd Ball-coise

0

Air an ath mhìos bidh Hibs agus Ross County a’ strì ann an cuairt-deireannach Cupa na Lìog. ’S e seo an dàrna cupa as cudromaiche san dùthaich as-deidh Cupa na h-Alba.

’S e cupa eachdraidheil a th’ ann – a’ dol air ais dhan 1940an. Cha do thachair an dà sgioba seo a chèile aig an ìre seo riamh agus ‘s ann ann an diofar Lìogan a tha iad an-dràsta cuideachd. S e gèam eadar sgioba bhon Phrìomh Lìog is sgioba eile bhon Championship ach a-rèir nam ‘bookies’ chan eil dad eadar nan sgiobaidhean. Tha mòran air feadh na dùthcha a’ dèanamh fiughair ris a’ ghèama, ach airson cuid dhuinn chan e gèama furasta ri coimhead a bhios ann.

Anns a’ Phàipear Bheag am mìos-sa tha artaigil mu Iain Blackford – ball-phàrlamaid Ròis (an sgìre agam fhìn), an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar. Tha Mgr Blackford a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, ach ’s ann à Dùn Èideann a tha e bho thùs, agus mar sin ’s ann do na Hibs a tha e cur a thaic. Ged ’s e Hibs fan a th’ ann “gu bàs”, thuirt e gum bi gàire air ma thig an Cupa dhan Ghàidhealtachd.

Obh obh Mgr Blackford! Cha chòrdadh na faclan sin ri cuid de luchd-taic ball-coise. Chanadh cuid nach eil sin ceadaichte dha fear a tha leantainn Hibs. Feumaidh tu do thaic a chuir ri do chluba fhèin a-mhàin agus chan urrainn dhut idir a bhith toilichte ma chailleas an sgioba agad. Feumaidh aon cluba a bhith agad agus feumaidh tu an sgioba a leantainn bho bhreith gu bàs – gun cheist. ‘S e rud gu math treubhail a tha ball-coise uaireannan agus bidh tòrr ga leantainn leis an fheallsanachd seo. Ach, a bheil iad ceart?

Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi gan tuigsinn, ach tha trioblaid agam fhìn leis. Tha mise air a bhith fìor dhèidheil air ball-coise cho fhad ’s a tha cuimhne agam. Far an do rugadh mi, cha robh sgioba proifeasanta idir faisg air làimh agus mar bhalach bheag nan robh thu dèidheil air ball-coise dh’fheumadh tu sgioba a thaghadh. Coltach ri càch sa sgìre, a bharrachd air na sgiobaidhean ionadail, amaitearach cha robh sgiobaidhean againn agus bha taghadh agad ri dhèanamh bho sgiobaidhean air Galldach.

Uill b’ e Hibs sgioba m’ athair, sgioba ri linn nam Famous Five. ’S e ’Dòmhnall Hibs’ a th’ aig a’ mhòr-chuid air sa bhaile bheag againn fhathast. Le sin, b’ e rud gu tur nàdarrach a bh’ ann dhomhsa Hibs a’ leantainn bhon Ghàidhealtachd agus ‘s e Hibs an sgioba tha air a bhith agam bhon a bha mi nam bhalach bheag.

Ach ann an 1994 thachair rud mòr do bhall-coise na Gàidhealtachd agus dh’atharraich a h-uile sian airson luchd-leantainn ball-coise san sgìre. Aig an aon àm, fhuair dà sgioba Gàidhealach a-steach do na lìogan nàiseanta, proifeiseanta ann an Alba. B’ iad Siorrachd Ròis agus cluba ùr Inbhir Nis – Caledonian Thistle. Bhon a thoisich ball-coise “nàiseanta” ann an Alba, cha robh ach clubaichean Ghalldach na luib. Air a’ Ghàidhealtachd bha an luchd-taic a’ fuireach aig astair bho na sgiobaidhean aca, ach ann 1994 dh’atharraich sin sa bhad. A-nis bha sgiobaidhean ionadail proifeiseanta againn; airson a’ chiad uair a-riamh bha taghadh aig muinntir na Gàidhealtachd ri dhèanamh. An robh sinn a’ dol a leantainn na sgiobaidhean ùra seo, no am fuiricheadh sinn dìleas dha na sgiobaidhean eile againn aig deas?

Uill, neo-ar-thaing thachair measgachadh de rùdan. Dh’atharraich cuid na sgiobaidhean aca; chùm cuid leis na sgiobaidhean aca; agus thoisich cuid na sgiobaidhean ionadail a leantainn agus aig an aon àm chùm iad orra leis na sgiobaidhean “mòra” aca – agus seo a rinn mi fhìn. Ged a chluich m’ uncail airson seann chluba Inbhir Nis Thistle thoisich mi; a’ frithealadh Victoria Park (chan e an “Global Energy Arena” a th’ againn air) airson geamaichean Siorrachd Ròis fhaicinn. ‘S iad a’ chluba as fhaisg orm is ged ‘s e 65 mìltean bhon a’ chosta an iar gu Inbhir Pheofharain ‘s iad an cluba ionadail agam a-nis. Ach, obh obh: a-nis bha a dhà sgioba agam. ’S e suidheachadh duilich a th’ ann airson neach-taic ball-coise. An e ceall-shlad a tha seo? An e Iùdas a th’ unnam? Sin an càineadh a gheibh cuid agus tha feadhainn air slaic a thoirt orm thar nam bliadhnaichean air an dearbh adhbhar.

Uill, aig Hampden air an ath mhìos bidh gu leòr san aon suidheachadh còmhla rium. Tha mi eòlach air gu leòr dhiubh ach is cinnteach nach bidh iad ga shanasachd. Bidh uaine orm aig a’ gheama an ath mhìos ach dìreach mar a thuirt Mgr Blackford, bidh gàire air m’ aodann ma bhios an cupa dol gu tuath.

Share.

About Author

Loading ...