Quantcast

An Colbh Gàidhlig: Diofar fòrtanan do na sgiobaidhean Gàidhealach

0

Abair diofar a th’anns na dà sgiobaidhean Gàidhealach aig tòiseach an seasan-sa, le Ross County a’dol gu math anns a phrìomh leth den lìog ‘s Caley sìos am measg na sgiobaidhean aig a bhonn.

An deireadh-seachdainn-sa tha Caley a’cluich an aghaidh Hearts ann an Inbhir Nis. ‘S e a chiad geam a bhios ann leis an sgioba airson Ryan Christie an deidh dha bhith air an reic do Celtic air latha mu dheireadh an grathann fastadh seachdainn seo chaidh. Bidh e còmhla ri Caley gun Fhaoilleach, agus bidh na luchd-taic ag iarraidh air a bhith ceart cho sgoinneil ‘s a tha e air a bhith mar tha mus fàgaidh e an sgioba gu cheart. Cha do cheannaich John Hughes mòran cluicheadarean thairis air as t-samhradh agus a-nis tha e coltach gum bì iad a dhìth air cuideigin a b’urrainn geamaichean a’bhuannachadh dhaibh le beagan liut.

‘S e geam doirbh a bhios ann an aghaidh Hearts, a tha anns an 3mh àite san lìog an deidh tòiseach anabarrach math dhan t-seasan aca. Chan eil Caley air geam sam bith a’buannachadh gu ruige seo, agus chan eil iad fiù air tadhal fhaighinn air am pàirc aca fhèin.

Ach an deidh seachdainn neo dha air falbh leis na geamaichean eadar-nàiseanta, bith iad dòchasach gun thòisich iad an seasan aca a-rithist le buaidh a-nochd. Feumaidh iad tadhail fhaighinn cho luath ‘s a ‘s urrainn dhaibh an aghaidh sgioba a tha ceart cho comasach tadhail fhaighinn dhaibh fhèin – ruideigin nach eil Caley air a dhèanamh trìc gu leòr ‘s na geamaichean a chaidh seachad ach a dh’fhaodadh na cluicheadarean ùra Miles Story ‘s Tobi Sho-Silva fhaighinn. Cuideachd feumaidh iad a bhith faiceallach ‘s na mionaidean mu dheireadh, far a bheil iad air dà bhuaidh a chall do tadhail a’tighinn gu h-obann.

Tha Ross County a’siubhal do Tobair na Mathair Disathairne airson an geam acasan. An taca ri Caley tha County air a’dhèanamh fìor mhath gu ruige seo, le trì geamaichean air a’bhuannachadh mar tha nuair nach robh puing aca aig an ìre seo an uiridh.

Tha Jim Mac an t-Saoir air sgioba mhath a’cruthachadh aig Pàirc Bhictoria, le strikers leithid Liam Boyce ‘s Craig Curran a’cur am ball san lìon fada nas trice na bha iad an uiridh. Tha Michael Gardyne ‘s Jackson Irvine air tòrr a thoirt gu mheadhan na pàirce, le beagan sgìl ‘s seachnaidhean siùbhlach a tha fada nas tarraingeach airson a’choimhead. Cuideachd, tha neach-glèidhidh Scott Fox air a’dhèanamh gu math airson am ball a shabhaladh ann an cùisean far an robh County a chall tadhail seasan seo chaidh.

Bidh County dòchasach cuideachd gun dèan iad a chùis air Tobair na Mathair. Fhuair iad dà phuing air an rathad aig Pàirce na Giuthais an uiridh agus tha iad dualtach mòran tadhail fhaighinn cuideachd. Chan eil Tobair na Mathair air adhartachadh mòran an t-seasan seo fhathast, an deidh dhaibh cumail an àite aca san lìog nuair a bhuannaich iad an aghaidh Rangers sa chuairt dheireannach na play-offs. Ma ‘s urrainn County tadhail fhaighinn tha e coltach gum buannaich iad an aghaidh sgioba a tha lag a’dol air adhart ionnsaigh an lion.

Tha fhathast mìos, cha mhòr, gus a chiad Derby Gàidhealach am bliadhna ach an-dràsda shaoileadh tu gu bheil County as dualtaiche tighinn às leis a bhuaidh. Abair gun atharraich cùisean sa Ghaidhealtachd thairis air an t-samhraidh.

A TRANSLATION – The Gaelic Column: Different fortunes for the Highland teams

What a difference there has been for the two Highland teams at the start of this season, with Ross County going great guns in the top half of the league and Caley down amongst the teams at the bottom.

This weekend Caley play against Hearts in Inverness. It’s the first game the team will have with Ryan Christie after he signed for Celtic on the final day of the transfer window last week. He’ll remain at Caley until January, and the supporters will be hoping he’s just as impressive as he’s been so far before he leaves the team for good. John Hughes didn’t buy many other players over the summer and now it is likely that they will be lacking someone who can win games for them with a bit of flair.

It’ll be a tough game against Hearts, who are third in the league, after a fantastic start to their season. Caley haven’t won a game yet this season, and they haven’t even scored a goal in their home stadium yet.

But after a few weeks off with the international break, they will be hopeful that they can start off their season again with a win tonight. They’ll need to get an early goal as soon as they can against a team that are just as capable of scoring plenty themselves. That’s something Caley haven’t managed to do often enough this season but they might be able to manage with their new signings Miles Story and Tobi-Sho Silva. They’ll also have to be careful in the final few minutes, where they have lost two wins to sudden goals at the end of the game.

Ross County travel to Motherwell on Saturday for their fixture. Compared with Caley, County have done exceptionally well so far, with three wins so far when they had no points at all at this stage last season.

Jim McIntyre has built a good team at Victoria Park, with strikers such as Liam Boyce and Craig Curran putting the ball in the net far more regularly this year than they were last. Michael Gardyne and Jackson Irvine bring a lot to the midfield, with a bit of skill and fluid passing making their game much more entertaining to watch. They also have keeper Scott Fox who has made some fantastic saves so far in situations that would normally have cost County some goals in seasons gone by.

County will also be hopeful for a win over Motherwell this weekend. They got two points on the road at Fir Park last year and they are prone to scoring plenty of goals there too. Motherwell haven’t progressed much on their form last year, when they saved their spot in the league with a win over Rangers in the play-off final. If County can score some goals tomorrow they’ll likely win against a side that’s weak in going forward.

There’s still a month left almost until the first Highland Derby of the season, but you wouldn’t believe that County are likely the favourites to win it at the moment. What a change there’s been in the Highlands over the summer.

Share.

About Author

Steven Kellow is a Ross County fan currently exiled as a student in Aberdeen. Aside from following the Staggies and Scottish football in general, he takes an interest in the more obscure and abstract features of the beautiful game: analysing football history, competitions and the side of football off the pitch. Enjoys writing about a range of topics apart from football too. He can actually understand BBC Alba commentary also.

Loading ...